An t-seachdainn a chaidh, chaidh Clas 1-2 air turas sgoile gu Ofis a Phuist air an Tairbeart. Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn Ceitidh Morag agus an dachaigh aice air Eilean Struathaidh.
Chunnaic sinn am broinn bhan a phuist, far a bheil na litrichean agus na parsailean a dol airson an sgaoileadh gu ar dachaighean agus fhuair sinn an cothrom a litrichean a stampadh cuideachd!
Thug iad dhuinn aodach a bhios air fear a phuist agus pocannan airson na litichean agus na parsailean. Bidh sinn dhan cleachdadh anns a chas. Tha torr spors againn!
Chord an turas ruinn gu mor agus tha sinn a toirt taing do mhuinntir ofis a phuist airson a bhith cho coir.