Category Archives: Reflective

Naidheachdan

26.03.2018                         Naidheachdan

Air Disathairne: Dhùisg mi aig 07:32:22 is dh’ith mi mo bhraicaist. Bha e blasta. Chluich mi Michael Jackson The Experience . Dhanns mi gu Smooth Criminal agus Ghosts. Rinn mi bhideo mu dheidinn “cò, càite, carson, de agus ciamar. Dh’ith sinn dìnneìr blàsta.

 

Bhruidhinn mi mu dheidinn SlainteScotland agus rinn mi an bhideo. Fhuair mi aon subscriber agus 2 likes. Chluich mi Splatoon.

 

www.SlainteScotland.co.uk

 

Air Didòmhnaich: Dhùsg mi aig 08:00. Chluich mi air an compiutar airson 5 uairean agus 30 miniod!!! Dh’ith sinn brochan airson a bhraicaist. Dhanns mi gu ceòl Splatoon. Cha do rinn sinn tòrr air Didòmhnaich.

Naidheachdan

Naidheachdan                18/09/17

Cha robh sinn a dèanamh tòrr aig an deireadh sheachdain.

Air oidhche Haoine bha aig m’athair ri a’ dhòl gu Glaschu airson rudeigin mu dheidhinn obair. Cuideachd, bha aige ri dusgadh aig coig uairean an ath-latha! Bha mo mhathair còmhla-rinn airson an deireadh-sheachdain. Ach air sgàths gu bheil i cho trang, cha robh mise, Tamzin neo Tristan a dèanamh rud sam bith ach ach a coimhead air an TV agus a sgioblachadh suas.

An oidhche sin thanig Pamela, caraid mo mhathair dhan taigh againn. Cha robh fios agam dè bha iad a deanamh gus an robh faileadh smoc a’ tighin  a-mach an uineag. Cha toil leam an faileadh smoc, ach chan eil sin a cuir stad air Pamela.

Air Là na Sàbaid dhuisg mi gu faileadh smoc, bogsa piotsa agus leth botal coke. Obh! Obh!  An uair sin choimhead sinn air ‘How to Train your Dragon’ agus bha sin math! Agus a-rithist, bha mo mhathair ro thrang le obair airson sgioblachadh suas. Ach an uair sin bha sinn a coimhead air an tbh 4k UHD!

Agus sin de rinn mi.

 

 

Cèic Victoria Sandwich

Stuthan:

110g siùcar mìn

110g margarain bog

110g flùr a dh’ èireas

2x uighean

1x 2.5ml spàin pùdar fuine

2x 15ml silidh

ola airson tionaichean a chrèiseadh

 

Uidheaman:

1 tiona cèic sandwich

pàipear crèis

siosar

bobhla beag

measgaichear dealain

bobhla mòr

sìoltachan

spàin mheatailte

Dè nì mi?

1. Teasaich an àmhainn gu 1800C.

2. Crèis agus lìnig 2 thiona cèic.

3. Cèithich an siùcar agus am margarain le measgaichear dealain gus am bi e aotrom agus bog.

4. Ann am bobhla beag buail na h-uighean le forca/spàin.

5. Cuir an t-ugh air a bhualadh ris a’ mhargarain agus ris an t-siùcar mean air mhean.

6. Sìolaidh am flùr agus am pùdar fuine ann am bobhla ne air truinnsear.

7. Paisg am flùr agus am pùdar fuine dhan mheasgachadh, làn spàine mu seach.

8. Cuir dhan àmhainn agus bruich airson 15-20 mionaid gus am bi iad òr-ruadh agus air èirigh gu math.

9. Thoir às na tionaichean anns an spot agus cuir air treidhe fuarachaidh iad.

Dòighean air a’ chèic atharrachadh

Cèic le orainsear – Cuir 10ml de shùgh orainseir dhan taois. Sgeadaich a’ chèic le uachdar ime le orainseir.

Cèic le liomaid – Cuir 10ml de shùgh liomaid dhan taois. Sgeadaich a’ chèic le uachdar ime le lio0maid ann an siùcar.

 

Uachdar ime

150g siùcar sgeadachaidh – air a shìoladh

75g margarain bog

 

Sùugh-blas

Liomaid – 5-10 ml sùgh liomaid no silidh liomaid

Orainsear – 5-10 ml sùgh orainseir

Sgeadachadh – Slisean liomaid no orainseir milis

Faodaidh tu dath a chur ann am pìos beag mìlseag fondant agus a chumadh mar a thogras tu.

 

 

Mo shlighe ionsachaidh

An t-seachdain seo dh’ionnsaich mi mu dheidinn  tomhais ann am matamataig. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn aonadan faid mar mm, m agus cm. Fhuair sinn pios pàipear, agus bha againn ri rudan a’ thomhais. Bha mi a’ fas nas fheàrr.

 

Chòrd spòrs rium an t-seachdain seo oir dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn lùth-chleasachd.

This week I learned about measure in maths. We learned about units for measuring length such as mm,cm and m. We got a piece of paper and we had to measure things, I got better at it.

I enjoyed PE this week because we learned about gymnastics.

Mo shlighe ionsachaidh

An t-seachdain seo dh’ionnsaich mi mu dheidhinn Teàrlach  Rennie Mac an Tòisich.  ‘S e neach-ealain agus neach-deilbh a bh’ ann. Chleachadh sinn laptops airson barrachd fiosrachaidh a lorg.  Chòrd e rium airson bha sinn ag obair ann an  sgioba.

Cuideachd ann spòrs bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn luth-chleasachd. Chòrd na monkey bars rium. Bha e ceart gu leor dhomh.

 

Tha an dealbh bho: www.npg.org.uk/collections/search/portrait/mw150574/Charles-Rennie-Mackintosh

Mo shlighe ionnsachaidh

An t-seachdain seo dh’ionnsaich  mi mu dheidhinn sgilean balans agus sreap ann an spòrs. Chord luth-cleasachd rium oir s’ toil leam na imonkey bars. A bharrachd  air  sin dh’ionnsaich mi mu dheidhinn Teàrlach Rennie Mac an Tòisich, s’e  neach-ealain agus neach-deilbh a bh’ ann. Chòrd e rium airson  chleachd sinn an eadar -lion airson fiosrachadh a lorg.

This week I learned about balance skills in gymnastics and I enjoyed the monkey bars. Also, I learned about Charles Rennie Mackintosh. He was an artist and designer, I enjoyed it because we used the internet to find information.

Mo shlighe ionnsachaidh

An t-seachdain seo dh’ ionnsaich mi mù dheidhinn lùth-chleasachd ann an spòrs. Rinn sinn obair air balans agus sreap, chòrd rium gu mòr.

A bharrachd air sin dh’ ionnsaich sinn mù dheidhinn Teàrlach Rennie Mac an Toisich ann an ealain. rinn sinn rannsachadh ann am buidhnean.Bha e inntinneach.

 

This week I learned about gymnastics in P.E.   We did work on balance and climbing, I really loved it.

Also, I learned about Charles Rennie Mackintosh in art. We researched in groups. It was really interesting.

 

Mo shilghe ionnsachaidh

An t-seachdain seo dh’ ionnsaich mi mu dheidhinn Teàrlach Rennie Mac an Toishich. ‘S e neach-ealain agus neach-deilbh a bh’ ann. Rinn sinn rannsachadh ann an sgioba,’s ann a Ghlaschu a bha e agus the e ainmeil.

Bho: http://www.picturebritain.com/wp-content/uploads/2012/05/304516308_4142105a08.jpg

Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn na prìomh-dhathan agus na dathan dàrnach ann an ealain. Rinn sinn croabh mòr, ach bha e uabhasach doirbh donn a dhèanamh. Ach fhuair sinn e. Chòrd e rium gu mòr. Bha na bùird uabhasach salach.

Ann an spòrs chaidh sinn air an frèam-sreap. Chòrd e rium cuideachd. Bha sinn a dèanamh balans air na being.

___

This week I learned about Charles Rennie Mackintosh. He was  an artist and a designer. We leaned facts about him in teams. He was from Glasgow and is still very famous.

Also, we learned how to make brown paint using palette paints. We made a tree, it was very hard to get the brown colour, but I got it eventually. I enjoyed it a lot. The tables were very messy.

In PE we used the climbing frame. I went on the monkey bars and worked on my balance using the benches. I enjoyed that too.