Naidheachdan

Naidheachdan                18/09/17

Cha robh sinn a dèanamh tòrr aig an deireadh sheachdain.

Air oidhche Haoine bha aig m’athair ri a’ dhòl gu Glaschu airson rudeigin mu dheidhinn obair. Cuideachd, bha aige ri dusgadh aig coig uairean an ath-latha! Bha mo mhathair còmhla-rinn airson an deireadh-sheachdain. Ach air sgàths gu bheil i cho trang, cha robh mise, Tamzin neo Tristan a dèanamh rud sam bith ach ach a coimhead air an TV agus a sgioblachadh suas.

An oidhche sin thanig Pamela, caraid mo mhathair dhan taigh againn. Cha robh fios agam dè bha iad a deanamh gus an robh faileadh smoc a’ tighin  a-mach an uineag. Cha toil leam an faileadh smoc, ach chan eil sin a cuir stad air Pamela.

Air Là na Sàbaid dhuisg mi gu faileadh smoc, bogsa piotsa agus leth botal coke. Obh! Obh!  An uair sin choimhead sinn air ‘How to Train your Dragon’ agus bha sin math! Agus a-rithist, bha mo mhathair ro thrang le obair airson sgioblachadh suas. Ach an uair sin bha sinn a coimhead air an tbh 4k UHD!

Agus sin de rinn mi.

 

 

One thought on “Naidheachdan”

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *