Stuthan:
110g siùcar mìn
110g margarain bog
110g flùr a dh’ èireas
2x uighean
1x 2.5ml spàin pùdar fuine
2x 15ml silidh
ola airson tionaichean a chrèiseadh
Uidheaman:
1 tiona cèic sandwich
pàipear crèis
siosar
bobhla beag
measgaichear dealain
bobhla mòr
sìoltachan
spàin mheatailte
Dè nì mi?
1. Teasaich an àmhainn gu 1800C.
2. Crèis agus lìnig 2 thiona cèic.
3. Cèithich an siùcar agus am margarain le measgaichear dealain gus am bi e aotrom agus bog.
4. Ann am bobhla beag buail na h-uighean le forca/spàin.
5. Cuir an t-ugh air a bhualadh ris a’ mhargarain agus ris an t-siùcar mean air mhean.
6. Sìolaidh am flùr agus am pùdar fuine ann am bobhla ne air truinnsear.
7. Paisg am flùr agus am pùdar fuine dhan mheasgachadh, làn spàine mu seach.
8. Cuir dhan àmhainn agus bruich airson 15-20 mionaid gus am bi iad òr-ruadh agus air èirigh gu math.
9. Thoir às na tionaichean anns an spot agus cuir air treidhe fuarachaidh iad.
Dòighean air a’ chèic atharrachadh
Cèic le orainsear – Cuir 10ml de shùgh orainseir dhan taois. Sgeadaich a’ chèic le uachdar ime le orainseir.
Cèic le liomaid – Cuir 10ml de shùgh liomaid dhan taois. Sgeadaich a’ chèic le uachdar ime le lio0maid ann an siùcar.
Uachdar ime
150g siùcar sgeadachaidh – air a shìoladh
75g margarain bog
Sùugh-blas
Liomaid – 5-10 ml sùgh liomaid no silidh liomaid
Orainsear – 5-10 ml sùgh orainseir
Sgeadachadh – Slisean liomaid no orainseir milis
Faodaidh tu dath a chur ann am pìos beag mìlseag fondant agus a chumadh mar a thogras tu.