An teirm sa chaidh dh’ ionnsaich mi tòrr ann an matamataig mu dheidhinn roinneadh. Tha fios agam carson a tha sinn a’ cealachadh roinneadh a-nis. Bha sinn a dòl a-mach don raon-cluich agus a cleachadh cailc airson ceistean a dhèanamh. Bha mise a’ smaoineachadh gun do rinn mi sgoinneil. Chòrd seo rium gu mòr airson tha mi a tuigsinn e nas fhearr a-nis.
Nuair tha mise nas motha tha mi airson a’ bhith tidsear sgoinneil mar Mgr Mgr a’ Phì.
Tha mi air fàs nas fhearr air roinneadh agus iomadachadh a-nis. An toiseach bha mi ceart gu leor ach a-nis tha mi fìor mhath air matamataig.
Am bliadhna seo tha sinn ag ionnsachadh Frangais le Mrs Bannerman. Tha sinn air na h-aireamhan gu 20, bonjour, au revoir, na laithean, agus na mìosan ionnsachadh. Cuideachd dh’ionnsaich sinn mar a bhios tu ag innse dè an t-ainm a th’ ort. Tha mi airson na dathan agus na rudan anns an clas mar peann, ruler agus rubber ionnsachadh.
Tha sinn a deanamh “comics” ann an Frangais cuideachd. Is toil leum ag ionnsachadh Frangais. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi a fàs nas fhèarr a h-uile seachdain. Tha mi a’ tuigsinn a-nis dè tha Mrs Bannerman ag radh ann am Frangais. Chòrd an “comic” a rinn sinn rium airson bha agam ri sgrìobhadh ann am Frangais.
Tha Frangais rud beag doirbh ach chuidich Mrs Bannerman mi agus rinn mi a chuis air. Tha mi moiteal airson cha d’ rinn mi Frangais idir san sgoil. ‘S urrainn dhomh tòrr Frangais a’ bhruidhinn a-nis. Tha mi ag iarraidh a’ dol don Fhraing a-nis airson ’s urrainn dhomh Frangais a bhruidhinn agus tha mi airson a’ dhol suas an Tur Eiffle comhla ri an teaglach agam.
Am bliadhna seo tha sinn ag ionnsachadh Fraingis còmhla-ri a’ bh-phòs NicLeoid agus a’ bh-phòs Nic Ille na Brataich. Dh’ionnsaich sinn ciamar a channas sinn na h-ainmean againn. Tha sinn air beagan obair a dhèanamh air aireamhan agus na làithean. Tha mi moiteil airson tha mi air fas nas fhearr air Fraingis a bhruidhinn. Tha mi toilichte gu bheil sinn ag ionnsachadh Gàidhlig, Beurla agus Fraingis san sgoil againn.
Halo – Hello – Bonjour
Is mise Jeffery – My Name is Jeffery – Je m’ appelle Jefrey.
This year my class are learning French with Mrs Bannerman and Mrs MacLeod. We so far have learned how to say our names. We have done a little bit of work on the numbers and the days too. I am proud that I have improved in my ability to speak French. I am happy that I am learning Gaelic, English and French in our school.
Am bliàdhna seo tha clas 7 ag obair comhla-ri GP1. ‘S toil leum a bhith caraid sonraichte airson sgoilear òg. ‘S e David ainm am buddy agam. ’S toil David ri bhith cluich le dèideagean. An toisheach bha mi iomagaineach ach a-nis tha mi faireachdain sgoinneil mu dheidhinn na buddies. Nuair a bha sinn a-mach airson àm cluich bha agam ri cuir na brogan agus an cota air David. Ach a-nis tha e a dèanamh e leis fhein. Nuair a bha sinn a-mach anns an raon-cluich bha tòrr obair againn. Bha cuirm-cnuic againn comhla-ri na caraidean beag. Bha ceapairean, briosgaidean, deoch agus rubarb crumble againn. Tha mi ag obair comhla-ri Blair bho GP4-7 le David.
’S e Mikey ainm a charaid beag agam. Tha Mikey coig bliadhna dh’aois. ‘S toil leis a bhith a cluich còmhla-ri David agus Gabriel. Tha iad a cluich tig. Aig an toiseach bha Mikey diùid, ach a-nis tha e gu math toilichte. Rinn sinn dealbhan le cailc air an raon-cluich. Tha sinn air a bhith a cluich leotha tòrr agus tha iad toilichte san sgoil.Tha fios againn gu bheil uallach mòr ann a bhith a coimhead as deidh clann òg .Tha mi air tòrr ionnsachanadh.
‘S e David ainm a charaid sonraichte agam. Aig an toiseach bha David cho diùid ach a-nis chan eil e. Uaireanan tha David mi-mhodhail, ach uaireanan tha a laghach. ’S e Mikey an caraid as fhearr aig David. ’S e Mikey an caraid sonraichte aig Eoghainn. Tha David a toirt dhomh tòrr hugs. Tha sinn uile a faighinn air adhart cho math. Tha mi fhein agus Mairi a coimhead as deidh David comhla-ri cheile. Tha an geama as fhearr aig David “Hide and Seek”, tha e cho math air. Tha David cho lùth-mhòr agus eibhinn, agus tha e a bruidhinn le blas Aimeireaganach.
Dh’ionnsaich mi ciamar a tha thu a coimhead as deidh gille beag ach uaireanan tha e cho doirbh. Chan eil fhios agam ciamar a tha pàrantan ga dhèanamh.
Tha clas a seachd air a bhith ag obair comhla ris na caraidean sonraichte aca ann an clas a h-aon . Tha sinn air tòrr ionnsachadh mu dheidhinn daoine òg a chuideachadh. Tha e gu math spòrsail a coimhead as deidh na caraidean sonraichte againn, ach tha e gu math doirbh cuideachd. Tha mi a tuigsinn a-nis gu bheil e gu math doirbh airson tidsearean oir tha tòrr clann aca, agus tha dìreach aon gu math doirbh uaireanan. ’S e gabriel ainm a charaid beag agam. Is toil gabriel a cluich le dèideagean, minions agus a cluich tig. Aig an toiseach bha agam ri cluich còmhla-ri le gabriel a h-uile latha, bha sin sgoinneil. Ach a-nis tha e dìreach a cluich leis na caraiden aige fhein. Tha mi rud beag brònach a-nis airson is toil leum a bhith a cluich còmhla ris. Tha mi a smaoineachadh gu bheil sinn air tòrr ionnsachadh bho na caraidean beag againn.
The Gaelic Primary 4-7 Clas at Whinhill Primary School, Greenock.