Chaidh am buidhean seinn agus clas a trì tarsainn a’ rathad gu cruinneachadh ‘clann an latha an-dè.’
Sheinn sinn òrain Gàidhlig dhaibh agus sheinn iad feadhainn aca còmhla rinn!
Bha tòrr spòrs againn a’ bruidhinn ruitha as a dhèidh agus a’ còinneachadh ri cuid de dhaoine a bha sinn eòlach air anns a’ choimhearsneachd. Bha sinn gu math fortanach cèicichean agus sùgh fhaighinn cuideachd.