FilmG 2025

Rinn buidheann sgoilearan ann an S1 ann an Sgoil Lionacleit film airson FilmG 2024, a’ toirt beachd air mar a bhios iad fhèin is deugairean eile a’ cleachdadh fònaichean-làimhe. Rinn iad agallamhan le feadhainn anns a’ bhuidheann, airson rud beag fhaighinn a-mach mu dheidhinn na bhios iad a’ dèanamh leis na fònaichean aca agus chlàr iad tòrr shuidheachaidhean eadardhealaichte as am bi iad gan chleachdadh. Rinn iad cuideachd agallamhan le inbhich airson sealladh fhaighinn air na bhios iadsan a’ dèanamh le fònaichean-làimhe. Bha am beachd a bha aca gu math inntinneach agus a’ sealltainn gu bheil sinn uile fo bhuaidh na fònaicheanlàimhe.Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dhan fheadhainn a rinn agallamhan agus gu Heather Dhòmhnallach agus Dòmhnall MacEanruig (Community Content Creator MG Alba) airson an taic a thug iad dhuinn a’ clàradh. Cumaibh sùil a-mach air a shon air duilleag FilmG.


Some of the pupils in S1 in Sgoil Lionacleit decided to make a film about mobile phones for their FilmG entry this year. They were wanting to find out what relationship young people have with their phones, and they interviewed some of the group to find out what they use their phones for. They also filmed lots of different shots, highlighting different times and scenarios that they use their phones. An important part of the film was getting to interview some adults to find out what they use their phones for and the group found this topic very interesting and topical. We would like to thank all the adults that we interviewed and Heather MacDonald & Donald Henderson for their help with the filming. Keep an eye out on the FilmG page for their film.

 

Deasbad 2024

Tha sinn air ar dòigh innse gu bheil Anna NicDhòmhnaill agus Eibhlin NicCoinnich a’ dol a riochdachadh na sgoile aig Farpais Deasbad nan Àrd-sgoiltean am bliadhna. Tha iad air a bhith trang a’ sgrìobhadh nan òraidean aca airson a’ chiad chuairt a tha a’ gabhail àite ann an Steòrnabhagh air 6mh agus 7mh An t-Samhain.


We are delighted to announce that Anna MacDonald and Eibhlin MacKenzie (S4) will once again represent Sgoil Lionacleit at this year’s National Gaelic Debate. They have started to prepare their speeches for the initial rounds of the competition which take place in Stornoway on 5 and 6 November. Gur math thèid leibh, Anna agus Eibhlin!

Scottish Youth Film Festival Award

Tha sinn air ar dòigh innse gu bheil am Film G a rinn sinn an-uiridh air duais eile a bhuannachadh! Fhuair am fiolm Aillse – Sealladh Marsaili duais airson a’ fiolm aithriseach as fheàrr aig Fèis Fiolm na h-Òigridh bho chionn ghoirid. Mealaibh ur naidheachd, a Mharsaili, Clover agus Lewis.


We are delighted to announce that last year’s Film G entry has continued to win awards! Aillse – Sealladh Marsaili, our 2023 entry, recently won Best Documentary in the 13-18 age category at the Scottish Youth Film Festival. Well done to Marsaili, Clover and Lewis.

Cafaidh Neart – Ruaraidh Gray

Air an 27mh den t-Sultain, bhruidhinn sinn ri Ruaraidh Gray air loidhne, agus fhuair sinn a-mach beagan mu dheidhinn Ruaraidh. Bha seo na phairt de phroiseact Cafaidh Neart a tha air a chur air doigh le Feisean na Gaidheal. Dh’fhaighnich sinn dha tòrr mu dheidhinn a’ chiùil aige agus na cur-seachadan eile aige. Bhruidhinn e tòrr mu dheidhinn an oilthigh agus na cothroman a fhuair e tro Ghàidhlig. Bha e uabhasach spòrsail agus inntinneach faighinn a-mach mu dheidhinn beatha Ruaraidh Gray!


On Friday 27 September, S3 Gàidhlig pupils got the opportunity to meet former pupil, Ruaraidh Gray and ask him questions about his music, hobbies and opportunities afforded to him through Gaelic. This online event is part of the Cafaidh Neart project which has been organised by Fèisean nan Gàidheal and was enjoyed by all the pupils who took part.

 

Written by Ava Peers, Iona NicAonghais, Màiri NicAonais, & Chiara Fisher.

Farpais Cheist nan Àrd-sgoiltean 2024

Air Diluain 16 an t-Sultain, ghabh deichnear sgoilear ann an S2 agus S3 à Sgoil Lionacleit pàirt ann am farpais cheist nan àrd-sgoiltean. Thàinig òigridh còmhla à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh airson farpais cheist, geamannan agus tòrr spòrs. Chaidh an fharpais a chumail ann an Taigh-òsta an DI. Feumaidh mi ràdh gun do choimhead luchd-obrach an taigh-òsta às ar dèidh gu math le biadh blasta agus fàilte mhòr. Shoirbhich sgiobaidhean Sgoil Lionacleit an aghaidh sgoilearan à Sgoil MhicNeacail, Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil agus Àrd-sgoil an Tairbeirt.

Fhuair sinn a’ chiad agus an dàrna àite. Nach eil sin dìreach sgoinneil! Tha sinn ag iarraidh taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNèill (fear an taighe) agus Dòmhnall Henderson (MG Alba/Ceòlas). Taing shònraichte do Mary Ann (CnaG) airson an là sgoinneil seo a chuir air dòigh.


On Monday 16 September, 10 of our S2 and S3 pupils took part in a secondary schools Gaelic Quiz. Pupils from Lewis, Harris, Uist and Barra came together to take part in a quiz, play games and have a good time getting to know each other. The competition was held in The Dark Island Hotel and we all agreed that everyone at the hotel was very welcoming and provided a very tasty lunch. Congratulations to our teams from Sgoil Lionacleit who won against The Nicolson Institute, Castlebay Secondary School and Sir E Scott. Sgoil Lionacleit came in first and second place. Isn’t this just a great achievement! We would like to thank all those who took part, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNeil (quiz master) and Donald Henderson (MG Alba/Ceòlas). A special thank you to Mary Ann (CnaG) for organising this brilliant event. Shonnie Graham, S2 Gàidhlig

Cuach na Cloinne nan Àrd-sgoiltean 2024

Bha turas soirbheachail againn gu Cuach nan Àrd-sgoiltean ann an Inbhir Nis.

Chluich iad uile am pàirt anns an sgioba agus chluich iad cho math mar sgioba, is bha iad uile a’ brosnachadh a chèile fad na h-ùine.

Bu chòir dhaibh uile a bhith cho proiseil asta fhèin leis mar a chluich iad agus mar chleachd iad a’ Ghàidhlig, ach cuideachd mar a ghiùlain iad iad fhèin air turas seo. Bha e na thlachd a bhith gan toirt air falbh agus tha mi moiteil gun do thìll iad air ais gu Sgoil Lionacleit leis an duais mhòr seo.

On the 4th/5th June, 8 of our pupils traveled to Inverness to compete in Cuach na Cloinne, a friendly football competition for Gaelic speaking pupils.

Our team fought hard to make it to the final of the tournament which saw them take on a team from Edinburgh.

Our team came away as Cuach nan Àrd -sgoiltean winners 2024!!

A very well done to Cathal, Owen, Ruairidh, Joseph, Mairi, Anna, Shonnie and James and a very big thank you goes to Mary Ann from CnaG and Stuart Menzies for organising and supporting the pupils on the trip.

Seachdain na Gàidhlig 2024

Bha tòrr a’ dol anns an sgoil airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh am bliadhna.

There was lots going on to mark this year’s Seachdain na Gàidhlig in February.


Ghabh sgoilearan S1 pàirt anns an fharpais nàiseanta airson lèine-t Ghàidhlig a dhealbh.

S1 pupils took part in the national competition to design a t-shirt to commemorate Seachdain na Gàidhlig.


Taing mhòr do Sharon NicRuairidh, DYW, airson nan tachartasan a leanas a chur air dòigh airson Seachdain na Gàidhlig.

We are grateful to Sharon MacRury, DYW, for organising the following events for Seachdain na Gàidhlig.


Stòrlann

Thàinig Màiri NicRisnidh dhan sgoil a bhruidhinn ri sgoilearan S3 mun obair aice aig Stòrlann.

Mairi MacRitchie came to speak to S3 pupils about her work at the Gaelic company Stòrlann.


Ceòlas

Thàinig Dòmhnall MacEanraig a-staigh a bhruidhinn ri S1 Gàidhlig agus S1 Luchd- ionnsachaidh mu dheidhinn Ceòlas. Rinn e bùth-obrach còmhla ri sgoilearan far an robh aca ri program rèidio a chuir ri chèile. Taghaidh Dòmhnall na prògraman as fheàrr agus thèid iad a-mach air Rèidio Cheòlais.

Donald Henderson from Ceòlas led a media workshop with S1 Gàidhlig and S1 Learners. Pupils worked in groups to put together their own radio programme. Donald will pick the winning format from each class and it will be developed into a real radio programme on Radio Cheòlais.


Taigh Chearsabhagh

Thàinig Susannah Bolton, neach-ealain, a tha ag obair aig Taigh Chearsabhagh, a bhruidhinn ri S2 Gàidhlig mu dheidhinn nan cothroman a tha an lùib nan ealain Ghàidhlig.

Susannah Bolton came to speak to S2 Gàidhlig about her work at Taigh Chearsabhagh and about opportunities in the Gaelic arts sector.


Tha sinn taingeil do Mhairi Anna Chaimbeil, Comunn na Gàidhlig, airson nan tachartasan a leanas a chur air dòigh airson Seachdain na Gàidhlig.

We are grateful to Mary Ann Campbell, Comunn na Gàidhlig, for organising the following events to mark Seachdain na Gàidhlig.

Mastermind

Bha aig sgoilearan S2 Gàidhlig ri bruidhinn mu dheidhinn cuspair sònraichte ann an Gàidhlig airson mionaid. Shoirbhich Alec MacEanraig san fharpais seo. Meal do naidheachd, Alec!

S2 Gàidhlig pupils took part in a Gaelic Mastermind contest where they had to speak for a minute about their specialist subject. Well done, Alec Henderson who won this competition!


Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy