Seachdain na Gàidhlig 2026

Bha tòrr a’ dol airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh san sgoil.

Thàinig Joanne MacLennan a-staigh a bhruidhinn ri S1 Luchd-ionnsachaidh agus S2 Gàidhlig mun cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.

Thàinig Shona MacLellan a-staigh a bhruidhinn ri S2 Luchd-ionnsachaidh mu dheidhinn cothroman obrach ann an saoghal na Gàidhlig

Bhruidhinn Lisa Reid ri clasaichean Gàidhlig S4-6 mu dheidhinn cho feumail ’s a tha Gàidhlig air a bhith anns na h-obraichean eadar-dhealaichte a tha air a bhith aice.

Taing mhòr do Sharon aig DYW airson seo uile a chur air dòigh.

Chuir sinn fàilte air an ùghdar Eòghainn MacGregor a rinn bùthan obrach sgrìobhadh cruthachail còmhla ri clasaichean Gàidhlig S1, S3 agus Àrd-ìre. Taing mhòr do Susannah aig Taigh Chearsabhagh airson seo a chur air dòigh.

There was lots going on in February to promote Seachdain na Gàidhlig.

Joanne MacLennan came in to speak to S1 Gaelic Learners and S2 Gàidhlig about the Gaelic college Sabhal Mòr Ostaig in Skye.

Shona MacLellan (RSPB) spoke to S2 Gaelic Learners about Gaelic career opportunities and Lisa Reid spoke to senior classes about how useful Gaelic has been in the different jobs she has had.

A huge thank you to Sharon at DYW for arranging for these speakers to come to Sgoil Lionacleit.

We welcomed author Eòghainn MacGregor who conducted creative writing workshops with Gaelic S1, S3 and Higher classes. Many thanks to Susannah at Taigh Chearsabhagh for organising this.

Pòl Moireasdan

Thàinig Pòl Moireasdan a-stigh dhan sgoil an-dè airson bruidhinn mu dheidhinn am pàirt a th’air a bhith aig cànanan na bheatha. Dh’inns e dhuinn mu dheidhinn na diofar àitichean anns a bheil e air a bhith air sàilibh gu bheil tòrr chànanan aige: Gàidhlig, Gearmailtis, Ruisis cànan an Ukraine agus Spàinntis.  Tha e air a bhith anns a’ Ghearmailt, an Ruis agus an Spàinn.  Chaidh e cuideachd dhan Fhraing còmhla ri caraidean airson na h-Olympics ann am Paris.

Tha e air a bhith ann an oilthigh Dhun Eidinn agus Oxford agus a-nis tha e ann an Harvard.

Dh’inns e dhuinn gun chuidich Gàidhlig e ann a bhith ag ionnsachadh cànanan eile gu h-àraid Gearmailtis. Bha e ag ràdh nuair a tha thu ag ionnsachadh cànanan gu bheil e a’ toirt dhut cothrom ionnsachadh mu dheidhinn a’ chultar agus na dòighean aig na daoine a tha dha bhruidhinn cuideachd.

Tha e air a bhith ann am mòran àitichean agus mar sin tha e air tòrr chothroman fhaighinn a bhith a’ ruith (fear de na cur-seachadan a tha gu math cudromach dha) ann an àitichean eadar-dhealaichte.

An uair a bhitheas e deiseil anns an oilthigh tha e ag iarraidh a bhith a’ teagasg Ruisis ann an oilthigh.

Chòrd e rinn gu mòr coinneachadh ri Paul agus bha e uabhasach inntinneach cluinntinn mu dheidhinn na cothroman a tha e air fhaighinn a thaobh gu bheil ùidh aige ann an cànanan.

Ava Peers, Iona MacInnes, Màiri MacInnes, Chiara Fisher

Sabhal Mòr Ostaig

Chuir sinn fàilte mhòr air Murchadh MacSuain, a thàinig a Sgoil Lìonacleit Diluain 16 An Dùbhlachd airson bruidhinn ri sgoilearan mun cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.

We were delighted to welcome Murdo MacSween who came to Sgoil Lìonacleit on Monday 16 December to speak to classes about the Gaelic college Sabhal Mòr Ostaig. Murdo delivered an engaging presentation and spoke to pupils about employment opportunities associated with Gaelic.

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy