Farpais Cheist nan Àrd-sgoiltean 2025

Air Dimàirt 9 an t-Sultain, ghabh deichnear sgoilear ann an S3 pàirt ann am farpais cheist airson àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar. Tha sinn air ar dòigh gun d’ fhuair Sgoil Lìonacleit a’ chiad agus an dàrna àite! Taing mhòr do Chomunn na Gàidhlig airson an latha sgoinneil seo a chur air dòigh.

On Tuesday 9 September, 10 S3 Gàidhlig pupils took part in a Gaelic quiz for secondary pupils in the Western Isles. It was a great day and for the second year running Sgoil Lionacleit won first prize! This year, Sgoil Lionacleit also won second prize. A fantastic achievement.

Winning team: Ailean MacAulay, Cait Ellwood, James MacInnes, Ciorstaidh MacLean, Peter MacGillivray

2nd Place: Shonnie Graham, Archie MacPhee, Ryan MacKinnon, Angus John MacIntyre, Kyle Stewart

Mealaibh ur naidheachd!

Farpais Cheist nan Àrd-sgoiltean 2024

Air Diluain 16 an t-Sultain, ghabh deichnear sgoilear ann an S2 agus S3 à Sgoil Lionacleit pàirt ann am farpais cheist nan àrd-sgoiltean. Thàinig òigridh còmhla à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh airson farpais cheist, geamannan agus tòrr spòrs. Chaidh an fharpais a chumail ann an Taigh-òsta an DI. Feumaidh mi ràdh gun do choimhead luchd-obrach an taigh-òsta às ar dèidh gu math le biadh blasta agus fàilte mhòr. Shoirbhich sgiobaidhean Sgoil Lionacleit an aghaidh sgoilearan à Sgoil MhicNeacail, Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil agus Àrd-sgoil an Tairbeirt.

Fhuair sinn a’ chiad agus an dàrna àite. Nach eil sin dìreach sgoinneil! Tha sinn ag iarraidh taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNèill (fear an taighe) agus Dòmhnall Henderson (MG Alba/Ceòlas). Taing shònraichte do Mary Ann (CnaG) airson an là sgoinneil seo a chuir air dòigh.


On Monday 16 September, 10 of our S2 and S3 pupils took part in a secondary schools Gaelic Quiz. Pupils from Lewis, Harris, Uist and Barra came together to take part in a quiz, play games and have a good time getting to know each other. The competition was held in The Dark Island Hotel and we all agreed that everyone at the hotel was very welcoming and provided a very tasty lunch. Congratulations to our teams from Sgoil Lionacleit who won against The Nicolson Institute, Castlebay Secondary School and Sir E Scott. Sgoil Lionacleit came in first and second place. Isn’t this just a great achievement! We would like to thank all those who took part, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNeil (quiz master) and Donald Henderson (MG Alba/Ceòlas). A special thank you to Mary Ann (CnaG) for organising this brilliant event. Shonnie Graham, S2 Gàidhlig

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy