FARPAIS SUMDOG – Blog le Ailean

 

Bhuannaich class 1-4 Farpais  Matamatic Sumdog Na h-eileanan an Iar.   Chluich 271 clann anns na h-eileanan agus bhuannaich sinn (class 1-4) le 684 puingean. Bha class 5-7 anns an dàrna  àite.  Fhuair  Kady scòr as fheàrr san chlas. Seo ar beachdan mu dheidhinn Sum Dog.

Tha Sumdog a`còrdadh rium airson tha Tower Climber, Endangered agus Bubble Gum gu math sporsail. – Ailean

Tha Sumdog acordadh rium airson tha matamataigs uabhasach math agus tha tòrr diofar geamaichans urrainn dhut cliuch. `S e Kiteboarding agus Pop Tunes na geamaichean as fheàrr leam. – Zoe

Is toil leam Sumdog airson tha geamaichean math air mar Holly.- Alyssa

Is toigh leum Sumdog airson s e doigh eile adèanamh matamataig againn agus  s urrainn dhuinn acluich geama sam bith. `S e Bubble an geama as fhearr leam agus Kite Boarding. – Katie

Tha Sumdog math. `S caomh leamsa Junk Pile. – Jenna

Tha Junk Pile a`còrdadh rium. Ruairidh.

Tha Sumdog math. Tha geama Dress Down a`còrdadh rium.  Ellie-Louise

Tha Sumdog math. Tha Dress Down an geama as fheàrr leam. – Anne Marie

S caomh leum Sumdog airsons urrainn dhomh acluich le mo chaireadan .  Cuideachds caomh leam Disguise airson bidh thu a`cuir aodach neònach air. – Kady

Tha Sumdog acòrdadh rium airson tha tòrr geamaichean ann. S e Kite Boarding am fear as `s fheàrr leam. Amy

Tha Sumdog math. Tha Kite Boarding agus Pop Tune na geamaichean as fheàrr leam.- Rose Marie

Tha Sumdog a`còrdadh rium airson tha Disguise math.  Tha Bubble Gum, Dress Down, Holly agus Creeper math cuideachd  – Cailean

Tha Sumdog acòrdadh rium airson tha geamaichean math ann mar Jet Ski Rescue agus tha matamatic uabhasach math. Tha e math nuair a tha thu agabhail pàirt ann am farpaisean cuideachd. – Erin

Tha sumdog math airson tha geamaichean mar Pop Tune agus Kite Boarding air.

Is toigh leum sumdog airson tha torr geamaichean air.

Clas 1-4.

 

 

 

 

STEM

Air Dihaoine, 9mh latha den Mhart, bha sgioba STEM na sgoile aig Eden Court ann an Inbhirnis aig taisbeanadh Young Engineers and Science Club.

Bha 7 diofar dubhlain againn ri dheanamh a chur companaidhean mora mar Breedon, RBS agus LifeScan air doigh, le 3 mionaidean againn airson gach fear a dheanamh. Mar eisimpleir, bha againn ri cuimhneachadh air ordugh na circuits agus an cuir air ais san aite cheart. Anns gach dubhlan bha sinn a’ faighinn puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a dh’obraich sinn  comhla, puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a fhuair sinn air adhart anns an dubhlan agus puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a mhath sinn air obrachadh a-mach an obair ri dheanamh san dubhlan.

As deidh sin, bha againn ri taisbeanadh a dheanamh mu dheidhinn a h-uile cail a bha sinn air a dheanamh aig a’ chluba againn. Bha da bhritheamh ann. Dh’eist iad rinn an uairsin dh’fhaighnich iad ceistean dhuinn mu dheidhinn an cluba againn.

Mu dheireadh, bha an ‘Don’t Waste a Drop’ challenge againn ri dheanamh, an dubhlan a bha sinn air a bhith ag obair air aig a’ chluba againn. Chruthaich sinn pump burn, channel agus tuir aig a’ chluba. Bha 3 mionaidean againn airson a’ chur comhla, 5 mionaidean againn airson na b’ urrainn de 2l burn fhaighinn bhon lar suas, am pump agus sios chun bhucaid aig bonn an channel. Bha an uairsin 2 mhionaid againn airson a ghluasad. Fhuair sinn air 1800ml a ghluasad ann an 1 mionaid agus 20 diogan.

Bhuannaich sinn an duais airson an cluba bun-sgoil as fhearr. Fhuair sinn teisteanas, cuach agus £250. Bha sinn uile air ar doigh! Chord an latha rinn gu mor. Tha sinn a-nis a’ dol a chumail a dol le dubhlan ur air a bheil ‘Knots to Watts.’

 

 

 

Leasaich clann cruthachail, cùramach, misneachail agus soirbheachail (Create caring, confident, creative and successful citizens)

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy