Category Archives: GM 5-7

Sgaladal

Air Diluain an 18mh latha den t-Ogmhios chaidh class 5-7 gu Scaladale aison an oidhche. Nuair a rainig sinn chaidh sinn air cuairt comhla ri Kate(aon de na daoine a tha os cionn Scaladale)bha gaoth mor ann agus bha e fliuch aig amannan. Nuair a rainig sinn air ais ann an Scaladale bhe e mu 8:30. Bha 2 rum ann airson na balaich agus dha airson na tidsearan. Fhuair sinn tost agus teoclaid teth agus bha e gle mhath. Bha torr siucaran aig an rum againn agus cha robh mi a faireachdainn ro mhath airson dh’ith mi cus siucaran agus bha fhathast torr air fhagail againn.
Dimairt
Anns a mhadainn chaidh ar cuir ann an da buidheann le 9 clann anns gach buidheann. Bha mi anns a’ bhuidheann a bha a sreap balla an toiseach. Bha 3 diofar irean ann agus chaidh mi suas chun mheadhan air ire 1 agus 2. Bha mi toilichte le cho ard a fhuair mi agus chord e rium gu mor. Anns an fheasgar bha sinn a deanamh Gorge Scrambling bha againn ri coiseachd suas abhainn mor. Bha e uabhasach fuar ach thoisich e a fas blath fhad s a bha sinn a gluasad. Bha aiteannan ann a bha eu-domhainn agus bha aiteannan ann a bha domhainn. Bha aiteannan ann a dh’fhaodadh sinn leum a-steach agus bha aiteannan ann a dh’fhaodadh sinn slaighdeadh sios. Bha e uabhasach math.

Ball-Coise

Air Disathairne an 24mh latha den Fhaoilleach chaidh mi air falbh còmhla ri sgioba Lèodhas agus na Hearadh gu Inbhirnis airson cluich ball-coise. Bhuannaich sinn a’ chiad gèam 3-0, bhuannaich sinn an dàrna gèam 3-2 agus bhuannaich sinn an gèam mu dheireadh 8-1.Fhuair mi aon tadhal anns gach gèam. 1