Gaelic Language Plan Consultation/ Co-Chomhairleachadh Air Plana Gàidhlig

Education Scotland has published its first draft Gaelic Language Plan for public consultation.  It confirms Education Scotland’s commitment to partnership working to secure and strengthen the use of Gaelic in Scotland.  Education Scotland values all of Scotland’s languages.  The focus of this particular plan is Gaelic in recognition of its valuable contribution to Scotland’s heritage and its status as an official language of Scotland.  The plan demonstrates Education Scotland’s commitment to the National Plan for Gaelic and the Gaelic Language ( Scotland ) Act 2005.  Dr. Bill Maxwell, Chief Executive of Education Scotland said, “Our Gaelic Language Plan sets out  to show how we will embed the promotion and use of Gaelic across all of our work.  I look forward to receiving views on the proposals in the draft Plan. Looking forward, I am absolutely committed to ensuring that improvements in the health and quality of Gaelic Education are a key strand of the overall impact we seek to have in improving Scottish education”.  You can view or download a copy of the draft Gaelic Language Plan on www.educationscotland.gov.uk and send your comments to Inverness@EducationScotland.gsi.gov.uk or write to Education Scotland, Longman House, Longman Road, Inverness, IV1 1SF.  The consultation runs until 12 September 2013.

Tha Foghlam Alba air a’ chiad dreachd de a Phlana Gàidhlig fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh poblach.  Tha e a’ dearbhadh dealas Foghlam Alba mu bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte agus a neartachadh ann an Alba. Tha Foghlam Alba a’ cur luach air cànain na h-Alba air fad.  Is e a’ Ghàidhlig fòcas a’ phlana shònraichte a tha seo ag aithneachadh an cuideachadh luachmhor a tha e a’ toirt do dhualchas na h-Alba agus an inbhe a tha aige mar chànan oifigeil an Alba. Tha am plana a’ comharrachadh dealas Foghlam Alba a thaobh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.  Thuirt An t-Oll Bill Maxwell, Ceannard Foghlam Alba, “Tha am Plana Gàidhlig againn a’ cur an cèill an dòigh anns an cuir sinn adhartachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a-steach do ar n-obair air fad. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cluinntinn bheachdan air na molaidhean a tha san dreachd Phlana.   A’ coimhead air adhart, tha mi làn dhealasach mu bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi leasachaidhean ann an slàinte agus càileachd Foghlam Gàidhlig nam prìomh dhual sa bhuaidh fharsaing a tha sinn a’ sireadh ann a bhith a’ leasachadh foghlam na h-Alba.”  Faodaidh tu an dreachd Phlana Gàidhlig fhaicinn aig www.educationscotland.gov.uk no lethbhreac dheth a luchdachadh a-nuas agus do bheachdan a chur gu Inverness@EducationScotland.gsi.gov.uk no sgrìobhadh gu Foghlam Alba, Taigh an Raon Rèidh, Rathad an Raon Rèidh, Inbhir Nis, IV1 1SF.  Bidh an co-chomhairleachadh a’ dol gu 12 Sultain 2013.

Leave a Reply