{"id":3624,"date":"2019-06-28T11:44:20","date_gmt":"2019-06-28T11:44:20","guid":{"rendered":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/?p=3624"},"modified":"2019-06-28T11:44:20","modified_gmt":"2019-06-28T11:44:20","slug":"17-6-2019-28-6-2019","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/2019\/06\/28\/17-6-2019-28-6-2019\/","title":{"rendered":"17.6.2019 &#8211; 28.6.2019"},"content":{"rendered":"<p>Uill, th\u00e0inig deireadh na bliadhna mu dheireadh thall!\u00a0 Tha sinn air t\u00f2rr ionnsachadh, ach tha sinn a-nis a&#8217; coimhead air adhart ri l\u00e0ithean-saora an t-samhraidh.<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">Cuirm nan Duaisean<\/span><\/p>\n<p>Bha Cuirm nan Duaisean againn air 17 an t-\u00d2g-mhios, agus rinn sinn uile gl\u00e8 mhath!\u00a0 Sheinn Clas 7 \u00f2ran dhuinn cuideachd, a ch\u00f2rd rinn gu m\u00f2r.<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">Gn\u00ecomhachasan na Hearadh<\/span><\/p>\n<p>Dh&#8217;ionnsaich sinn t\u00f2rr mu dheidhinn gn\u00ecomhachasan na Hearadh an t-seachdain sa!\u00a0 Chaidh sinn a-mach an toiseach a dh&#8217;fhaicinn Essence of Harris.\u00a0 Dh&#8217;innis iad dhuinn ciamar a th\u00f2isich iad gn\u00ecomhachas cho soirbheachail agus d\u00e8 bha againn ri dh\u00e8anamh nan robh sinn fh\u00ecn airson gn\u00ecomhachas a th\u00f2iseachadh san \u00e0m ri teachd.<\/p>\n<p>An uair sin, th\u00e0inig Isle of Harris All Natural Soap Company a-steach a bhruidhinn rinn.\u00a0 Bha e uabhasach math sealladh eile fhaighinn air ciamar a th\u00f2isicheas tu gn\u00ecomhachas, agus ch\u00f2rd e rinn gu m\u00f2r blas nan siabann fhaireachdainn.<\/p>\n<p>Fhuair sinn freebie no dh\u00e0 bho na gn\u00ecomhachasan, a bha uabhasach tarraingeach cuideachd!<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">Bunt\u00e0ta<\/span><\/p>\n<p>Mu dheireadh thall, thog sinn am bunt\u00e0ta!\u00a0 Bha e gu math soirbheachail &#8211; chruinnich sinn t\u00f2rr, bha sinn air ar gr\u00e0ineachadh leis an t-seann bhunt\u00e0ta a th\u00f2isich c\u00f9isean (bha e sgreamhail!), agus ch\u00f2rd e rinn gu m\u00f2r, m\u00f2r a bhith a&#8217; cluiche san \u00f9ir!<\/p>\n<p>An uair sin, chuir sinn am bunt\u00e0ta ann am bogsaichean cairt gu s\u00e0bhailte, gus an robh sinn deiseil airson am bruich!\u00a0 Bhruich sinn iad ann an uisge goileach, agus chuir sinn c\u00e0ise ann.\u00a0 Bha iad gu math blasta!\u00a0 Dh&#8217;aontaich sinn an c\u00f2rr ***********<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">An t-aiseag<\/span><\/p>\n<p>Chaidh sinn dhan aiseag a dh&#8217;fhaicinn an uiread dhe luchd-turais a bhios a&#8217; siubhal air ais &#8216;s air adhart eadar na h-eileanan agus t\u00ecr m\u00f2r.\u00a0 Chuir e iongnadh oirnn nach robh ach aon duine a&#8217; siubhal airson obair a-mach \u00e0 sampall dhe *** dhaoine!\u00a0 Dh&#8217;ionnsaich sinn gu bheil eaconamaidh nan eilean a&#8217; crochadh gu m\u00f2r air turasachd.<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">Sc\u00e0ladal<\/span><\/p>\n<p>Chaidh Clas 7 a Sc\u00e0ladal airson d\u00e0 latha, a dh\u00e8anamh cleasan taobh a-muigh, leithid rafting building agus archery.\u00a0 Ghabh iad t\u00f2rr m\u00f2r sp\u00f2rs!<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">Tr\u00e0igh<\/span><\/p>\n<p>Chaidh sinn air turas sgoile dhan tr\u00e0igh, c\u00f2mhla ri Clas Mrs Atkinson agus Clas 4 aig Mrs MacQueen.\u00a0 Bha e uabhasach sp\u00f2rsail &#8211; thog sinn amaran is aibhnichean sa ghainmhich, agus leum sinn fh\u00ecn a-steach san t-sruth mh\u00f2r cuideachd!\u00a0 Bha e rudeigineach fuar&#8230; ach th\u00e0inig a&#8217; ghrian a-mach d\u00ecreach nuair a bha sinn gar deisealachadh airson falbh!<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline\">YMI<\/span><\/p>\n<p>Air Diciadain, chaidh Luke, Bella, Chloe, Isobel agus Fiona a Ste\u00f2rnabhagh gus bhideo sanasachd fhilmadh airson YMI.<\/p>\n<p>Agus&#8230; a bharrachd air a sin, tha sinn air a bhith a&#8217; sgioblachadh an t-se\u00f2mair agus a&#8217; d\u00e8anamh a h-uile c\u00e0il deiseil airson nan l\u00e0ithean saora!\u00a0 Tha sinn a&#8217; coimhead air adhart dhan ath bhliadhna, ach bidh e math fois is sp\u00f2rs a ghabhail tro na l\u00e0ithean-saora san eadar-ama.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>Tha sinn duilich, ach bhrist am f\u00f2n aig Miss Meaden agus, mar sin, chan eil dealbhan againn an turas seo!\u00a0 Ch\u00ec sibh dealbhan air rud no dh\u00e0 a rinn sinn air a&#8217; bhlog aig Clas 4-7 Beurla, ge-t\u00e0!<\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Uill, th\u00e0inig deireadh na bliadhna mu dheireadh thall!\u00a0 Tha sinn air t\u00f2rr ionnsachadh, ach tha sinn a-nis a&#8217; coimhead air adhart ri l\u00e0ithean-saora an t-samhraidh. Cuirm nan Duaisean Bha Cuirm nan Duaisean againn air 17 an t-\u00d2g-mhios, agus rinn sinn uile gl\u00e8 mhath!\u00a0 Sheinn Clas 7 \u00f2ran dhuinn cuideachd, a ch\u00f2rd rinn gu m\u00f2r. Gn\u00ecomhachasan &hellip; <a href=\"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/2019\/06\/28\/17-6-2019-28-6-2019\/\" class=\"more-link\">Continue reading <span class=\"screen-reader-text\">17.6.2019 &#8211; 28.6.2019<\/span> <span class=\"meta-nav\">&rarr;<\/span><\/a><\/p>\n","protected":false},"author":4802,"featured_media":0,"comment_status":"open","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[157955,1],"tags":[],"class_list":["post-3624","post","type-post","status-publish","format-standard","hentry","category-gm-p5-7","category-uncategorized","eportfolio_category-none"],"jetpack_featured_media_url":"","jetpack_sharing_enabled":true,"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3624","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/users\/4802"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=3624"}],"version-history":[{"count":3,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3624\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":3643,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3624\/revisions\/3643"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=3624"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=3624"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/blogs.glowscotland.org.uk\/es\/sess\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=3624"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}